Am Baile logo Back to the Main site
Image

Hiort

6. Clò Hiort

priont an duilleag seo

Cleas a h-uile duine eile sna H-Eileanan Siar, bha na Hiortaich a' fighe clò. Bha clò blàth agus, an ìre mhath, uisge-dhìonach. Mar sin, bha e gu math freagarrach airson gnàth-shìde Hiort. Bha na Hiortaich cuideachd a' cleachdadh a' chlò airson am màl a phàigheadh agus airson a reic ris an luchd-turais a thadhail air an eilean san 19mh linn agus san 20mh linn. 'S e Fionnlagh MacCuithein a tha air an làimh chlì san dealbh. Bha Mgr. MacCuithein ainmeil airson a bhith a' sreap nam bearraidhean casa agus airson a bhith a' glacadh eòin-mhara a dh' itheadh iad. Bhiodh iad a' glacadh nam fulmairean, buthaigirean, sùlairean agus eòin dubh an sgadain.

Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.

Ceistean

  1. Dè bha cho math mu chlò Hiort?
  2. Carson a bha Fionnlagh MacCuithein ainmeil air an eilean
7. Taigh Ban-iarla Grange