Am Baile logo Back to the Main site
Image

Hiort

5. Sgoilearan

priont an duilleag seo

Stèidhich an Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK) a' chiad sgoil ann an 1709. Suarach cho math 's a chaidh dhi; nuair a thadhail an t-Urr. MacAmhlaigh ann an 1758, cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh ach aig ceathrar dhe na h-eileanaich. Tràth san 19mh linn, thàinig an sgoil fo ùghdarras Chomann nan Sgoiltean Gàidhlig agus bha 44 sgoilear innte. Bha mu chairteal dhiubh sin eadar 20 agus 40.

A rèir cunntas-sluaigh 1861, 's e dìreach dithis aig an robh Beurla agus cha do rugadh iadsan air an eilean. Ach sna 1880an, cha mhòr nach leughadh gach pàiste, a bha sia bliadhna no nas sine, pàirt dhen Bhìoball.

Thàinig a' chiad mhaighstir-sgoile, Mgr Caimbeul, ann an 1884. Bha a' chiad chlasrum ann an rùm ann an taigh a' bhàillidh. Cha do dh' fhuirich esan, no an fheadhainn a thàinig às a dhèidh, ro fhada san obair aca. Bha sianar mhaighstirean-sgoile ann a' Hiort sa chiad sia bliadhna a bha an sgoil ann.

Tha clàir bho 1888 a' sealltainn gun robh 14 sgoilearan (deichnear bhalach agus ceathrar nighean) san sgoil eadar clasaichean òga, meadhanach agus ceann shuas na sgoile. Bha iad ag ionnsachadh gràmar, suimean, sgrìobhadh, eachdraidh agus cruinn-eòlas. Ann an 1898, thadhail Norman Heathcote, nàdar-eachdraiche, air an eilean agus bha a' mhòr-chuid dhen chloinn gu math fileanta ann am Beurla. Chaidh sgoil ùr a thogail a' bhliadhna an dèidh sin. Ann an 1906, bha uallach na sgoile an urra ri Mgr MacLaclainn agus a bhean agus bha 22 sgoilear innte. Dhùin an sgoil ann an 1930 nuair a chaidh an t-eilean fhàsachadh. Bha ochdnar san sgoil aig an àm sin.

Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.

Ceistean

  1. Dè bha na litrichean SSPCK a' ciallachadh agus dè an ceangal a bha aig a' bhuidheann ri Hiort?
  2. Dè bha neo-àbhaisteach mun àireamh san sgoil tràth san 19mh linn?
  3. Dè sheall cunntas-sluaigh 1861 mu staid na Gàidhlig 's na Beurla ann a' Hiort?
  4. Coimhead gu math air an dealbh. Dè an t-aodach a tha air cuid dhe na balaich?
  5. Cia mheud duine cloinne a tha san dealbh?
6. Clò Hiort