Triùir bhoireannach à Hiort, casruisgte, nan aodach àbhaisteach. Tha J. Sands, in 'Out of the World; or, Life in St. Kilda', 1876, ag ràdh :-
' The dress of the women consists of a cotton handkerchief on the head, which is tied under the chin, a gown of coarse blue cloth, or blue with a thin purple stripe, fastened at the breast with an iron skewer... They wear neither shoes nor stockings in the summer. They go barefoot even to church; and on that occasion don a plaid, which is worn square, and fastened in front with a copper brooch, made by the men from an old penny beat out thin'. Bhiodh na Hiortaich a' dèanamh an aodaich aca fhèin le clòimh air a spìonadh bho na caoraich. Bhiodh iad an uair sin ga toinneamh le fearsaid no cuibheall-shnìomh. Bhiodh na boireannaich cuideachd a' dath an t-snàth agus bhiodh na fireannaich an uair sin ga fhighe airson aodach a dhèanamh dha na boireannaich 's dha na fireannaich.
Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Dè tha neo-àbhaisteach mu aodach nam boireannach ann a' Hiort?
- Dè an stuth bhon robh iad a' dèanamh an aodaich aca?
- Cò bhiodh a' dèanamh an t-snàth agus cò bhiodh a' dèanamh an aodaich?


