B' ann air na h-eòin-mhara a bu mhotha a bha na Hiortaich beò. Cha mhòr nach robh a h-uile càil eile a' stad aig àm an eunachd. Bhiodh iad ag ithe nam fulmairean agus nan sùlairean ùr nan sèasan fhèin agus air an sailleadh an còrr dhen bhliadhna. Bhiodh iad a' glacadh nam fulmairean is nan sùlairean mus sgèitheadh iad air falbh às na neadan. Bhiodh cuideachd ag ithe bhuthaigirean.
Bha na Hiortaich tapaidh, làidir, sùbailte agus math air sreap. Bhiodh iad a' sreap nan creagan casruisgte no air ceann an stocainnean. B' fheàrr leotha a bhith a' cromadh nan creagan le ròp seach a bhith a' sreap suas. Bha an ròp a bha aca airson sreap uabhasach prìseil dhaibh agus, glè thric, bhiodh e a' fuireach san teaghlach agus a' dol on athair chun a' mhic. An toiseach, bha na ròpan air an dèanamh de ghaoisid eich air a dhèanamh na fhigheachan. Bha mu 50 meatair a dh' fhaid annta agus ghabhadh iad an cleachdadh airson 50 bliadhna. Bhiodh iad a' dèanamh deuchainn air an ròp le bhith a' ceangal aon cheann dheth timcheall creag mhòr agus ceathrar fhireannach ga tharraing. Chan fhaodadh duine ròp a chleachdadh gun an deuchainn seo a dhèanamh air agus a' phàrlamaid cead a thoirt airson a chleachdadh. Nuair a sguir iad gan dèanamh le gaoisid eich, bha iad a' cleachdadh cainb Manilla.
Tha fulmair mun aon mheud ri faoileig. Tha na h-itean aige dorcha geal le sgiathan is druim glas. Tha an gob aige buidhe. Bidh an t-eun boireann a' breith aon ugh gach sèasan ann am meadhan a' Cheitein. Bhiodh na Hiortaich a' glacadh nan isean san Lùnastal. Bhiodh a' phàrlamaid a' co-dhùnadh dè na pìosan dhe na bearraidhean air an glacadh iad na h-eòin agus bha àm am eunachd a' maireachdainn mu thrì seachdainean.
Thòisich àireamh nam fulmairean a bha na Hiortaich a' glacadh a' dol am meud mu mheadhan an 19mh linn. Ann an 1910, chaidh 9600 a ghlacadh, an taca ri dìreach 600 sùlaire. Ann an aithisg mun eilean ann an 1875, tha aithris gun deach 566 galan de dh'ola fhulmairean, 2103 pùnnd de dh' itean dubha agus 1675 de dh' itean glasa a chruinneachadh air a' bhliadhna sin. Bhiodh iad a' cleachdadh na h-ola ann an lampaichean sa gheamhradh. Ach rud a bha gu math duilich, bhiodh iad cuideachd ga cur air imleag naoidheanan a bha dìreach air am breith oir bha iad a' creidsinn gun robh leigheas innte ach, 's e bha a' tachairt gun robh mòran a' bàsachadh air sgàth tetanus. Nuair a chaidh nurs a chur dhan eilean, chuir i stad air a' chleachdadh seo, agus cha do chaochail an còrr air sgàth tetanus.
Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Coimhead air an dealbh. Saoil dè cho àrd os cionn na mara 's a tha na fireannaich?
- Ciamar a bhiodh na Hiortaich a' sreap?
- Cuine bhiodh iad a' glacadh nam fulmairean agus dè cho fada 's a mhaireadh e?
- Ainmich rudeigin a bha glè phrìseil dha na Hiortaich.
- Ciamar a bhiodh iad a' dèanamh deuchainn air na ròpannan?
- Tarraing graf bann a' sealltainn nan rudan a bha na Hiortaich a' faighinn bho na sùlairean.
- Dè an fheum a bha iad a' dèanamh dhen ola agus dè na bacteria phuinnseanta a bha innte?


